I know that many of you may not have copies of the Gaelic Bible, so I thought you might enjoy seeing the Christmas story all in Gaelic!
More than you have ever hoped, dreamed or imagined - that is my Christmas wish for you!
Enjoy!
Lucas 2:1-21
1 Agus thàrladh anns na làithean sin gun deachaidh òrdagh a-mach o Cheasar Augustus an domhan uile a mheas. 2 (Agus rinneadh an ciad mheas seo nuair a bha Cirenius na uachdaran air Siria.) 3 Agus chaidh iad uile a-chum a bhith air am meas, gach aon fa leth da bhaile fhèin. 4 Agus chaidh Iòseph mar an ceudna suas o Ghalile, à baile Nàsaret, do Iudèa, gu baile Dhaibhidh, den gairmear Betlehem, do bhrìgh gu robh e de thaigh agus de shliochd Dhaibhidh, 5 A-chum gum biodh e air a mheas maille ri Muire a bha fo cheangal-pòsaidh dha, agus i mor-thorrach. 6 Agus thàrladh, am feadh a bha iad an sin, gun do choileanadh laithean a h-inbhe, a-chum i a bhith air a h-aisead. 7 Agus rug i a ciad-ghin mic, agus phaisg i e ann am brat-spèilidh, agus chuir i na laighe ann am prasaich e; do bhrìgh nach robh àit aca anns an taigh-osda. 8 Agus bha anns an dùthaich sin buaichaillean a' fantainn a-muigh, a' deanamh faire-oidhche air an treud. 9 Agus, feuch, thàinig aingeal an Tighearna orra, agus dhealraich glòir an Tighearna mun timcheall; agus ghabh iad eagal mòr. 10 Agus thubhairt an t-aingeal riu, Na biodh eagal oirbh: oir feuch, tha mi ag innse dhuibh deagh sgeul mor-aoibhneis, a bhios don uile shluagh: 11 Oir rugadh dhuibh an-diugh Slànaighear, ann am baile Dhaibhidh, neach as e Crìosd an Tighearna. 12 Agus bidh seo na chomharradh dhuibh: Gheibh sibh an naoidhean paisgte ann am brat-spèilidh, na laighe ann am prasaich. 13 Agus air ball bha maille ris an aingeal cuideachd mhòr de armailtean neimh, a' moladh Dhè, agus ag ràdh, 14 Glòir do Dhia anns na h-àrdan, agus air talamh sìth, deagh-ghean do dhaoine. 15 Agus thàrladh, nuair a dh'fhalbh na h-aingil uapa do nèamh, gun dubhairt na buachaillean ri chèile, Rachamaid a-nis eadhon do Bhetlehem, agus faiceamaid an nì seo a rinneadh, a dh'fhoillsich an Tighearna dhuinn. 16 Agus thàinig iad gu grad, agus fhuair iad Muire agus Iòseph, agus an leanabh na laighe anns a' phrasaich. 17 Agus nuair a chunnaic iad sin, dh'aithris iad an nì a dh'innseadh dhaibh mu thimcheall an leinibh seo. 18 Agus ghabh gach neach a chuala seo iongantas ris na nithean sin a dh'innseadh dhaibh leis na buachaillean. 19 Ach ghlèidh Muire na nithean sin uile, a' beachd-smaoineachadh orra na cridhe. 20 Agus thill na buachaillean, a' tabhairt glòire agus molaidh do Dhia airson nan nithean sin uile a chuala agus a chunnaic iad, a rèir mar a labhradh riu. 21 Agus nuair a choileanadh ochd làithean a-chum an leanabh a thimcheall-ghearradh, thugadh IOSA mar ainm air, eadhon an t-ainm a ghairm an t-aingeal dheth mun do ghabhadh anns a' bhroinn e.
--------------------
Slàn agus beannachd, Allen R. Alderman
'S i Alba tìr mo chridhe. 'S i Gàidhlig cànan m' anama. Scotland is the land of my heart. Gaelic is the language of my soul.
|