Printable Version of Topic
Click here to view this topic in its original format
Celtic Radio Community > Scottish Gaelic > Advanced Scottish Gaelic


Posted by: WizardofOwls 17-Apr-2005, 04:58 PM
Hello everyone!

I am introducing this thread for the more advanced to have a place to chat where they will not have to post translations. Please try to use no English here! And since my Gaelic is not as advanced as some, I hope that some of the more advanced posters (like Faileas and Cù Dubh) will help me keep an eye on it so that nothing gets posted here that shouldn't!

Now that said, let's get on with the Gaelic! smile.gif

Posted by: Cù Dubh 18-Apr-2005, 06:17 AM
Ceart gu leòr, mo charaid. Feuchaidh mi ri do chuideachadh cho math 's as urrainn dhomh. Ach chanainn nach eil do Ghàidhlig dona idir. Tha thu a' deanamh ainmeil math leat-fhèin. biggrin.gif
...agus tha Gàidhlig nas fheàrr aig Faileas co-dhiù. smile.gif

Posted by: WizardofOwls 18-Apr-2005, 06:44 AM
Madainn mhath a Chù Dubh 's a Fhaileas!

Ciamar a tha sibh an diugh, a'chàirdean? Tha i glé bhreatha ann an Virginia an-diugh! Tha a' ghrian a' deàrrsadh agus tha i blàth soillier! Chan eil agam ri obair an-diugh. (Chan eil mi cinnteach gu bheil sin ceart! Ciamar a chanas mi "I don't have to work today"?)

Uill feumaidh mi falbh a-nis!

Tioraidh!

Posted by: Cù Dubh 18-Apr-2005, 01:22 PM
tha mi gu dòigheil, tapadh leat cool.gif
QUOTE
Ciamar a chanas mi "I don't have to work today"?)

Dè mu dheidhinn - chan eil agam ri dhol a dh' obair an-diugh.
neo - Chan fheum mi a dhol a dh'obair an-diugh
An robh latha math agad ma-tha?

Posted by: Faileas 18-Apr-2005, 02:42 PM
QUOTE (WizardofOwls @ 18-Apr-2005, 01:44 PM)
Madainn mhath a Chù Dubh 's a Fhaileas!

Ciamar a tha sibh an diugh, a'chàirdean? Tha i glé bhreatha ann an Virginia an-diugh! Tha a' ghrian a' deàrrsadh agus tha i blàth soillier! Chan eil agam ri obair an-diugh. (Chan eil mi cinnteach gu bheil sin ceart! Ciamar a chanas mi "I don't have to work today"?)

Uill feumaidh mi falbh a-nis!

Tioraidh!

Feasgar math,a chairdean :-).

Channainsa - Tha latha dheth agam, hehehe.

Chan eil agam ri obair .... - Tha sin ceart gu leor , nam bheachdsa. Bha mise dheth an-diugh cuideachd agus bha sin neonach. Mar as abhaist bidh mi ag obair coig laithean agus da latha dheth an uair sin ach se direach tri laithean a bh' ann an t-seachdain seo agus seachd no ochd laithean san t-seachdain a' tighinn ...

Bha e tioram an seo an-diugh agus bha mi leisg, hehe. Bha mi a' cluiche air a'chompiutair agus beagan air an lion .... wink.gif

De rinn thu fhein, wiz?

Agus moran taing airson do bheachd gu bheil mo Ghaidhlig fada nas fhearr na an Gaidhlig agad fhein :-). Tha mise a' smaoineachadh gun dean sibh (na dithis agaibh) ubhasach math smile.gif.

Posted by: WizardofOwls 18-Apr-2005, 07:55 PM
Och tha! Bha an latha agam GLÉ mhath! Gheàrr mi an rèidhlean, ge-ta. (?? Chan eil me cinnteach gu bheil sin ceart!) Fhuirich mi anns an taigh a' chuid as motha an latha agus bha mi a' cluiche air a' chompiutair cuideachd! smile.gif

Tapadh leibh, a chàirdean, airson na faclan coibhneil! smile.gif Tha na Gàidhlig glé dhoirbh!

Posted by: Faileas 19-Apr-2005, 07:05 AM
QUOTE (WizardofOwls @ 19-Apr-2005, 02:55 AM)
Och tha! Bha an latha agam GLÉ mhath! Gheàrr mi an rèidhlean, ge-ta. (?? Chan eil me cinnteach gu bheil sin ceart!) Fhuirich mi anns an taigh a' chuid as motha an latha agus bha mi a' cluiche air a' chompiutair cuideachd! smile.gif

Tapadh leibh, a chàirdean, airson na faclan coibhneil! smile.gif Tha na Gàidhlig glé dhoirbh!

Hei Alain smile.gif,

chan eil dad cearr leis an gramar aig "Ghearr mi an reidhlean" ach cannainsa "Ghearr mi am fheur" - chuala mi sin bho Siac sa mhadainn seo hehe.

Direach rud beag:

Sgriobh thu "Fhuirich mi" .... ach 'se "Dh' fhuirich mi" a th' ann, ag innse na firinn ... . Cuimhnich nach cord e ri na Ghaidheal rudan a radh nach eil furasda ri radh dhaibh wink.gif.

a' chuid as motha an latha - channainse a' chuid as motha den latha

na Gaidhlig ? - a' Ghaidhlig tha mi a' creidsinn, hehe.

Agus bha mi fada nas leisge an-diugh - chaidil mi gu cairteil as-deidh meadhan-latha agus cha chuala mi dad nuar a dh' fhag Brus dhan obair ... wink.gif laugh.gif.

Ann an dol seachad - tha cananan ann a tha fada nas duilghe ri ionnsachadh na a' Ghaidhlig - an do dh' fheuch thu Hebrew a-riamh? wink.gif

Posted by: Cù Dubh 19-Apr-2005, 03:13 PM
Mo chreach! Hebrew. Chan eil comas agam labhairt ann am Beurla fhathast.
Saoil an cuala tu duine à Glaschu a-riamh Wizard. 'S urrainn dhomh innse dhut gu bheil Gàidhlig nas fhasa na Glaswegian. Haha biggrin.gif

Posted by: WizardofOwls 19-Apr-2005, 07:17 PM
Mo Chreach! Rinn mi móran mearachdan! sad.gif Tapadh leat, a Fhaileas, airson na ceartachaidh! (?) Bha agam ri obair an-diugh, agus bha i glé theth! Cha toigh leam teas!

Posted by: Faileas 20-Apr-2005, 09:25 AM
QUOTE (WizardofOwls @ 20-Apr-2005, 02:17 AM)
Mo Chreach! Rinn mi móran mearachdan! sad.gif Tapadh leat, a Fhaileas, airson na ceartachaidh! (?) Bha agam ri obair an-diugh, agus bha i glé theth! Cha toigh leam teas!

Na gabh dragh mu dheidhinn na mearachdainn, a charaid smile.gif. Feumaidh tu faicinn de seorsa sgudal a tha mise a' sgriobhadh san t-seomar comraidh againne wink.gif.

Tha i uabhasach snog an-diugh - tha a' ghrian ann ach bha feum agam ri obair bho sia gu tri ... Ach tha tide agam a-nis airson tlachd a ghabhal anns a' ghrian smile.gif. Ach tha e direach tlachdmhor - cha toigh leam teas nas motha ....

Posted by: Cù Dubh 20-Apr-2005, 11:55 AM
Tha mi a' dol le Faileas Coimhead air a h-uile rud a tha thu a' dèanamh gu ceart Wizard smile.gif

QUOTE
bha i glé theth! Cha toigh leam teas!


Bu chòir dhut fuirich ann an Alba ma-tha Wizard. Bidh e an còmhnaidh fuar is fliuch an-seo. Haha biggrin.gif

...a dh' aindeoin dè chanas mi, Tha i blàth is tioram an-dràsda 's a-rithist agus mar a channas Faileas - 'S e latha brèagha a bh' ann an-diugh smile.gif

Posted by: Cù Dubh 20-Apr-2005, 12:20 PM
OOPS!
Rinn mi mearachd cuideachd....

QUOTE
mar a channas Faileas


-Mar a thuirt Faileas-

tha mo cheann ann am brochan an-diugh. rolleyes.gif

Feasgar math a h-ule duine.

Posted by: WizardofOwls 20-Apr-2005, 07:32 PM
Tapadh leibh! 'Se chàirdean coibhneil a th' annaibhse! Bha feum agam ri obair bho seachd gu seachd an diugh, agus tha mi glé sgìth a-nochd! Bha i ro theth a-rithist cuideachd! Blech! Bhithinn cho toilichte a' fuireach ann an Alba, a Chù! 'S fior thoigh leam an Geamhradh! Cha toigh leam an Samhradh! Taing do Día (?) airson an "air-conditioner" agam! smile.gif

Posted by: WizardofOwls 21-Apr-2005, 09:16 PM
Hallo a chàirdean!

Tha ceist agam oirbh. A bheil seo ceart:

'Se Alba a tha an tìr mo cridhe, 'se Gàidhlig a tha an cànan m'anam.

Posted by: Cù Dubh 22-Apr-2005, 02:50 AM
Tha mi duillich. Ach chan eil mi cinnteach. Is dòcha gun tug Faileas an fhreagairt cheart dhut. Chan eil mi math air eadar-theangachaidhean, tha eagal orm. rolleyes.gif
Tha mi a' smaoineachadh gu bheil 'Tir mo chridhe' gun 'an' aig an toiseach nas fheàrr. Ach mar a thuirt mi riut - Is beag m' fhios.

Posted by: Maddie 22-Apr-2005, 04:17 PM
is beag orm nach eil fios agam. rolleyes.gif


Posted by: Faileas 22-Apr-2005, 04:56 PM
QUOTE (WizardofOwls @ 22-Apr-2005, 04:16 AM)
Hallo a chàirdean!

Tha ceist agam oirbh. A bheil seo ceart:

'Se Alba a tha an tìr mo cridhe, se Gàidhlig a tha cànan m'anam.

Abair seantans snog smile.gif. Cha mhor nach eil e ceart smile.gif.

Tms gun cannainsa:


' se Alba tir mo chridhe, 's i a' ghaidhlig canan m' anam. (tapadh leat, an Rapaire smile.gif ) .

Tha mise gu math sna laithean seo. bha mi direach cho sgith as deidh obair an-diugh nach robh mi an seo ... Bha e blath fhathast agus direach allain air an t-eilean an-diugh biggrin.gif.

Tioraidh an-drasda , a chairdean.

Agus - failte an seo , Maddie cool.gif biggrin.gif angel_not.gif thumbs_up.gif.

Posted by: WizardofOwls 22-Apr-2005, 05:16 PM
Hallo a Mhaddie! Agus Fàilte!

Tapadh leat airson do chuideachaidh, a Fhaileas! Tha mi fad 'nad chomain!

Posted by: Cù Dubh 23-Apr-2005, 05:00 AM
Haló Maddie, Fàilte bhlàth is fhuranach dhut. Am bheil thu ag ionnsachadh Gàidhlig an-dràsda?
Uill, 'S e latha brèagha eile a th' ann. Tha mi' n dòchas gum bi latha math agaibh uile.
Tioraidh an-dràsda. cool.gif

Posted by: Maddie 23-Apr-2005, 11:21 AM
obh! Chan eil mi cinnteach... an aithne dhut mi?

Halo a Fhaileas, mo ghraibh, de tha dol?

tha mi duilich ach dh'falbh accents mi. tongue.gif

Posted by: Cù Dubh 24-Apr-2005, 12:03 PM
Abair latha. Bha i brèagha blàth an-duigh ann an Alba. Ruigidh i 16C agus bha a' ghrian a' deàrrsadh fad an latha. Chaidh mi-fhin agus mo theaghlach air chuairt feasgar. Chaidh sinn dhan choille a tha faisg oirnn. 'S e latha math a bh' ann gun teagamh. biggrin.gif
Feasgar math dhuibh.

Posted by: Cù Dubh 24-Apr-2005, 12:06 PM
QUOTE
Ruigidh

Oops mhothaic mi mearachd a-rithist...Ruig. rolleyes.gif
Chan eil mi math air Gàidhlig idir idir.

Posted by: Faileas 24-Apr-2005, 03:05 PM
Agus de a bh' agam bhon latha breagha seo??????? sad.gif sad.gif sad.gif

Bha mise ag obair mar as abhaist Didomhnaich - bho naoi sa mhadainn gu coig feasgar. Ach co- dhiu, bha duine gu math spadail ann, hehehe, le deise dubh .., fallt dubh cuidechd (uill tms gu bheil e a' cur dath ann wink.gif ) . Co - dhiu, bha e math Maighstir Rothach fhaicinn gu dearbh agus bha sinn a ' bruidhinn beagan cuideachd smile.gif. Cha robh mi cinnteach ma bha e beo no nach eil - alas.

(agus saoil mi co am Maighstir Rothach seo laugh.gif laugh.gif angel_not.gif)

Posted by: WizardofOwls 24-Apr-2005, 06:25 PM
Uill, bha agam ri obair an diugh cuideachd, bho seachd gu seachd, agus tha mi glé sgìth! Bha latha dorch fuar fliuch ann an diugh. Bha i a' cur t-sneachda ann an Virginia! Anns a' Ghiblean! Aimsir iongantach, nach eil? unsure.gif

An robh thu a' bruidhinn anns a' Ghàidhlig le Maighstir Rothach, a Fhaileas?

Agus a Chù... cha saoil mi seo: "Chan eil mi math air Gàidhlig idir idir." Tha Gàidhlig gu leòr aige, a charaid! smile.gif

Posted by: Cù Dubh 25-Apr-2005, 04:10 AM
Tapadh leat Wizard. Bha mi direach a' toirt suil air a' phòst agam a-rithist nuair a thàinig e a-steach orm nach robh e ceart. Ach tha fios agam cuideachd nach eil mearachd an suid 's an seo a' dèanamh diofar sam bith...'S luchd-ionnsachaidh a th' annainn uile. biggrin.gif
An toil leat Ball-coise a ' Fhaileas?...Tha fios agam nach toil le Wizard e, ach dè mu dheidhinn thusa?. Is ann an-dè a bha geam mòr againn ann an Glaschu - Celtic 's Rangers. Rinn Celtic a' chuis air Rangers - dhà gu h-aon agus bha mi glè thoilichte gu dearbh! cool.gif

Posted by: Faileas 25-Apr-2005, 09:31 AM
' de mu do dheidhinnsa ' a ghraidh , hehehehehe

Uill - a dh' innse na firinn chan eil moran uidh agam ann. Ach tha mi a ' leanntain na results air sgath tha Brus a' leanntain ball coise (agus f1, ghia ...). Bidh mi a' coimhead air geamanan bhon sgioba naiseanta co-dhiu mar as abhaist (obh obh obh ..., osna trom). Agus eadar Celtic is Rangers? - hmph ... abair ceist lololol, ach ach ... duilich a ghraidh, eadar na dha is s' fhearr leam Rangers laugh.gif unsure.gif angel_not.gif

Posted by: Cù Dubh 25-Apr-2005, 09:59 AM
O mo chreach-sa thàinig! <spit> <spit>
Dè thuirt thu????? Chan eil mi ga chreidsinn...'s lugha orm Rangers. tongue.gif
Haha. Ach co-dhiù, is toil leam thu fhathast. biggrin.gif

QUOTE
de mu do dheidhinnsa

Mòran taing. cool.gif

Hail Hail the Celts are here... laugh.gif

Posted by: Faileas 25-Apr-2005, 11:16 AM
Carson an robh fios agam gun can thu sin, hehehehe? laugh.gif laugh.gif laugh.gif

Ach 's toil leamsa thu cuideachd, alas wink.gif unsure.gif angel_not.gif

Posted by: WizardofOwls 25-Apr-2005, 07:19 PM
Hallo a Chù! Tha mo nighean a cluich ball-coise anns an sgoil aice! Tha i anns an siathamh ceum agus tha i dà bhliadhna dheug a dh-aois. Agus an dèidh ceithir gèamachan, tha iad gun call! Go Sheffey Wildcats! biggrin.gif

Posted by: Cù Dubh 26-Apr-2005, 02:58 AM
Glè mhath agus tha mi'n dòchas nuair a bhios i nas sine
gum bi i na ban-taic na Celtic cuideachd!!! wink.gif

An do sgriobh mi sin ceart Faileas a' ghraidh...chan eil mi cinnteach. unsure.gif
gum bi i na ban-taic na Celtic - That she will be a Celtic supporter.
Tapadh leat. smile.gif

Posted by: Faileas 26-Apr-2005, 10:00 AM
Ma bhios i glic, cumaidh i falbh bhon desbaid seo, hehe wink.gif. Ach 's math sin gu dearbh gu bheil i math sa ball - coise.

Bha mi a' dol gu geimeachan ice-hockey nuair an robh mi a' fuireach sa Ghearmailt agus chord sin rium gu mor. Bha na Wild Wings gle mhath aig aon am agus bha deogh tide agam nuar an robh im san steidion smile.gif.

Ach - ag innse na firinn, tha mi dubailte cho toilichte ma bhios mi a' coimhead air Geamaichean Gaidhealach agus ceol beo san taigh seinnse wink.gif. Slainte! laugh.gif beer_mug.gif

Posted by: Cù Dubh 26-Apr-2005, 01:31 PM
An toil leat iomain ma tha? Chan eil ùidh mhòr agam ann an sin gu mi-fhortanach. Nuair a bhios mi 'san taigh-sheinnse, bidh mi ag òl mar as trice...Chan eil tide gu leòr agam airson TV. laugh.gif - Air do deagh shlàinte. haha. beer_mug.gif

Posted by: Faileas 26-Apr-2005, 03:39 PM
Chan eil fhios agam - chan fhaca mi geam iomainn a-riamh. Tha fios agam gu bheil e cudhthromach an seo air an t-eilean ach chan eil mi ga leanntain -uill chi mi na results is rudan mar sin sa phaipear bheag. ' s docha gum bi e math a' coimhead air ...ach chan eil tide agam airson sin. tms gu bheil na geamanan disathairne ..... sad.gif sad.gif sad.gif

Chuala mi co-dhiu gur e "hockey airson rowdies" a th' ann ..... wink.gif

Hic laugh.gif !

Posted by: WizardofOwls 30-Apr-2005, 05:45 PM
A Fhaileas! Càit a bheil thu, a ghràidh??? Tha mi gad ionndrainn! smile.gif

Uill, ciamar a tha a h-uile duine? Tha an snàtiheann seo sàmhach an dràsta! Tha mi dheth an-diugh agus tha aoigh againn! Tha càraid mo nighean air chèilidh a-staigh againn! 'Se Amanda an t-ainm a th'oirre. Tha i glé snog! Dh'ith sinn piotsa! IUMI! biggrin.gif

Posted by: Cù Dubh 01-May-2005, 01:01 PM
Amanda ainm snog.

'S e boireannach trang a th' ann an Faileas againn. Ach chan eil mi a' creidsinn nach bi i air falbh ro fhada. Uill, bha latha brèagha a bh' ann an dè agus air a' mhoth 'n dè cuideachd. Ach an-diugh, tha an-tuisge againn a-rithist....mar is trice. rolleyes.gif

Posted by: WizardofOwls 02-May-2005, 09:22 AM
'S toigh leam an t-uisge! wink.gif Tha i gaothach ann an VA an-diugh! Bidh mi a gearradh an fheur a dh'athghearr! Ìa! (Yuck!)

Posted by: Cù Dubh 02-May-2005, 02:12 PM
Bha mi a' smaoineachadh air an aon rud....Feumaidh mi am feur a gheàrradh a dh' aithgheàrr cuideachd. Tha e a' fas fada. rolleyes.gif
Am bheil thu air a bhith ag èisdeachd ris an CD agad ma-tha?

Posted by: Faileas 02-May-2005, 03:58 PM
QUOTE (Cù Dubh @ 01-May-2005, 08:01 PM)


'S e boireannach trang a th' ann an Faileas againn. Ach chan eil mi a' creidsinn nach bi i air falbh ro fhada.


Hallo a chairdean, smile.gif,

tha a' Chu ceart - cha robh mi fada air falbh agus tha mi trang ...., uill seorsa sam bith. Chan eil moran a' h-atharrachadh a h-uile latha - se direach an aon rud a th' ann ...

- eirigh, bracaist, a' draibheadh no a' coiseachd dhan obair, obair, obair, obair, a' dol no a' draibheadh dhachaigh, cupa cofaidh, compiutair, dinear, compiutair, cadail ....

- eirigh, bracaist ...

Am faigh sibh am beachd? wink.gif

Agus tha mi trang air a' chompiutair cuideachd, hehe - tms gu bheil mi a'sgriobhadh air ceithir buird sna laithean seo (tri dhiubh - darkover rpgs , alas) agus tha mi san chat gaidhlig againne cuideachd uaireigin mur a h- eil mi ro sgith.

Uill, aon rud ur co-dhiu ... bidh ceilidh coisir againne feasgar Dihaoine a' tighinn, sa Royal a Port Righ ma thogras sibh thighinn wink.gif smile.gif note.gif

A Chu, rinn thu mearachd beag a-rithist , alas: Sgriobh thu

Uill, bha latha brèagha a bh' ann an dè

ach se

be latha breagha a bh' ann an-de smile.gif

Bha e gle bhlath is gle fhliuich an-diugh ach thaining a' ghrian a-mach cuideachd.

biggrin.gif thumbs_up.gif



Posted by: WizardofOwls 02-May-2005, 06:03 PM
'S i bean thrang a th'annadsa, a Fhaileas!

Dé tha "Darkover"? Cha chuala mi air a-riamh. (Chan eil mi cinnteach air an rosg-rann seo.)

Tha mi ag iarraidh tighinn air an ceilidh coisir agaibh feasgar Dihaoine! sad.gif Tha mi a' smaoineachadh gum bi e glé mhath! Ciamar a chanas mi "Good Luck"?

Posted by: Cù Dubh 03-May-2005, 02:35 AM
QUOTE
ach se

be latha breagha a bh' ann an-de

Mòran taing a-rithist.

Ceannaichidh mi tè mhòr dhutsa aig a' chèilidh a Ghraidh. beer_mug.gif

QUOTE
Ciamar a chanas mi "Good Luck"?

Gur math a thèid leat....'tms' mar a chanadh Faileas. smile.gif

Posted by: Faileas 03-May-2005, 04:38 PM
QUOTE (WizardofOwls @ 03-May-2005, 01:03 AM)


Dé tha "Darkover"? Cha chuala mi air a-riamh. (Chan eil mi cinnteach air an rosg-rann seo.)


- an toiseach . De th' ann an Darkover? Cha chuala mi mu-dheidhinn roimhe #

wink.gif

Agus abair ceist ciamar a' sgriobhas mi freagairt goirid? uill, Feuchaidh mi ....

a) 'se planaid eile a th' ann, fada falbh bhon Cruimhne againne. Sgriobh Marion Zimmer Bradley moran leabhraichean mu dheidhinn agus 'se universe fantasy a th' ann , beagan coltach ri Tolkien agus LOTR, ach gu math diofraichte ..., lol.

Seall air http://aghrianfuileach.mysite.wanadoo-members co-uk. Lorg thu a h-uile rud ann agus 's docha barrachd fiosrachadh na tha thu ag iarraidh wink.gif

cool.gif tha mi a' cluiche RPG ann ..., aig buidhean yahoo, bord-brath agam fhin agus bord gearmailtis. Tha am bord-brath agam fhin direach ur agus thoisich sinn sgeulachd da sheachdain air ais tms. Agus tha sinn ag iarraidh cluicheadairean .... wink.gif

tha an t-seoladh:

http://darkovan.proboards36.com.index.cgi.

Thoiribh suil air, ma thogras sibh smile.gif Agus bhiodh e cho math aon no dithis agaibh a' faicinn an cool.gif laugh.gif

Posted by: Faileas 03-May-2005, 04:44 PM
gun dot gu-nadarach ...agus le srac hehe

http://darkovan.proboards36.com/index.cgi

Posted by: WizardofOwls 03-May-2005, 09:04 PM
Tapadh leat a Fhaileas! Faicidh mi air! Aguas tapadh leat airson an ceartachaidh!

Posted by: Cù Dubh 10-May-2005, 02:27 AM
An do leugh thu litir bheag-2 fhathast Wizard? Leugh mi i a-raoir. Bha Ruairaidh a-mach air brochan an t-seachdain seo agus bha an litir aige gu math inntinneach a-rithist. Feumaidh mi ràdh nach toil idir brochan. Ach chòrd an litir rium glan. biggrin.gif

Posted by: WizardofOwls 10-May-2005, 07:45 AM
Madainn mhath, a Chù! Ciamar a tha thu an-diugh? Tha mi fhìn glé mhath! Tha i briagha blàth ann an Virginia an dràsda! Tha i sgòthach, ge-tà. Cha creid mi nach bi usige ann ann an greiseag. Dé an coltas a th'air an aimsir far a bheil thu?

Cha leugh mi an litir bheag fhathast, ach leugaidh mi i a dh'aithghearr. Faodaidh (?) mi a' geàrradh an fheur an diugh. Ìa! wink.gif

Posted by: Cù Dubh 10-May-2005, 10:14 AM
Uill, 's e latha brèagha a th' ann an-duigh, grianach is blàth! cool.gif cool.gif cool.gif

Posted by: Faileas 10-May-2005, 11:41 AM
ohmy.gifh, a chairdean! biggrin.gif biggrin.gif

Tha sibh beo fhathast! Bha mi a' smaoinneachadh gun d' tubhairt mi rudeigin cearr. unsure.gif

Tha a ' ghriann ann air an Eilean cuideachd. Agus tha mise sgith ... Abair naidheachdan ... alas wink.gif

Posted by: Cù Dubh 10-May-2005, 01:11 PM
Na bi gòrach a ghràidh. Tha gaol againn ort fhathast. cool.gif
càit am biomaid gun thu-fhèin? smile.gif

Posted by: WizardofOwls 11-May-2005, 08:31 PM
Hallo a chàirdean! Uill, tha i fadalach an-dràsda, agus bidh mi a' dol dhan leabaidh a dh'aithghearr. Bha agam ri obair an diugh. Tha agam ri obair bho seachd gu seachd agus tha mi glé sgìth! Tha agam ri obair a-màireach cuideachd! Ìa! Nach bidh mi dheth gu Disathurna. (?) Obh, obh! sad.gif Bidh mi ag obair ann an facatraidh (? a factory) agus tha i glé theth ann! Càit a bheil an t-sneachda???

Uill, feumaidh mi falbh a-nis! Oidhche mhath! Tha mi'n dochas gum bi latha math agaibh a-màirech!

Posted by: Eiric 12-May-2005, 02:31 AM
Halò mo charaidean! Ciamar a tha sibh an-diugh? Tha mi a' bruidhinn Gàidhlig gu bheil mo thidsir an-diugh, 's ann as ann Alba a tha i. Ach chan eil mo Ghàidhlig glè mhath... Tha an aimsir glè shnog ann an t-Suain, tha e grian agus blàth.

Posted by: Eiric 12-May-2005, 02:39 AM
M'oran air Gaidhlig. (Chan eil e math, ach...)

Iseabail, a' chaileag
ar fhlùr breagha às a' Ghaidhealtachd
Tha Iseabail a' dol ann na bràighean
Bha i a' rug a chlann
Sàmhach, mo chreach
Cha bhi a-rithist eile a' faicidh ise

Ealasaid, a' chaileag
ar chalman breagha às a' Ghalldachd
Tha i ag èigh is a' caoin
'S ruith mo shùilean
Och, cha do i a' cead a' bhaile

Posted by: Cù Dubh 12-May-2005, 06:40 AM
An toiseach, fàilte chridheil ort Eiric. Tha sinn uile ag ionnsachadh Gàidhlig anns an fhorum seo agus ma tha cuideachadh a dhith ort bhithinn-sa toilichte do chuideachadh. Ged chanainn gum biodh tu fada na b' fheàrr air Faileas a dh' iarr cia-tà. Tha mi-fhin às a' Ghalltachd agus chan eil ach beagan Gàidhlig agam. Ach 's ann anns an Eilean Sgitheanach a tha Faileas againn, agus tha Gàidhlig gu leòr aice.
'S fior thoil leam an t-òran agad cuideachd. Chan eil mi cho math air faclan a chur ri chèile ann am Beurla. Ach -sa' Ghàidhlig....O mo chreach!!! rolleyes.gif
cool.gif

Posted by: Faileas 12-May-2005, 07:37 AM
Failte oirbh a chairdean, agus gu h-airidh Eiric biggrin.gif ' s math d' fhaicinn an seo smile.gif.

Rinn thu fior mhath leis an oran agad, Eiric, ach tha mi a' smuainneachadh gu bheil rudan ann nach eil buileach ceart ... Can riumsa ma tha thu ag iarraidh ceartachadh hehe - tms gu bheil mi a' sharrachadh Wiz ri sin lol. Mar sin s' fhearr dhomh faighneachd an toiseach cool.gif

Tha e tioram air an t-Eilean agus tha mise leisg - tha latha dheth agam an-diugh is a-maireach. Tha bata mhor sa bhaigh (Camus Ban) - am Black Prince agus 'se cruisear a th' ann agus bha helicoptair mun cuairt cuideachd. Tha mi' n dochas nach do thachair rudeigin.

Chi mi a-rithist sibh! smile.gif biggrin.gif

Posted by: WizardofOwls 12-May-2005, 07:39 PM
QUOTE (Faileas @ 12-May-2005, 09:37 AM)
tms gu bheil mi a'  sharrachadh Wiz ri sin lol.

Hallo a h-uile duine!

Tha mi duilich airson na Bheurla -

I am sorry for violating my own rule by posting English here, but I just want to make certain that what I am about to say is understood...

Falieas, Please don't stop correcting my Gaelic! How else am I going to learn? If I seem to get aggravated, it is not at you at all! You have been very patient and helpful with me and I greatly appreciate it. My aggravation is directed at myself. I've been studying the Gaelic for a long time and it seems like the more I learn, the more I forget. It seems that when I finally grasp some dificult concept, I miplace my understanding of something else! But I'm not giving up! Nothing worth having is ever easy, so just continue to have patience with me, and please let me know when I mess up! smile.gif I appreciate it! And you!

Posted by: Cù Dubh 13-May-2005, 02:15 AM
....agus mise cuideachd! biggrin.gif

Posted by: Faileas 13-May-2005, 03:53 AM
Ohh, tha mi a' fas dearg a-rithist! oops.gif

Ceart ma tha, a ghraidh , ma thogras sibh tongue.gif !

' se latha fior snog a th' ann, a-nis , agus tha e cho soilleir agus a' ghriann ann. Tha an cuan cho goirm ... rolleyes.gif

Agus Wiz, na gabh cus dragh ... tha mise direach uabhasach le ainmean .. , mar a tha fios agad bho Bubba wink.gif, agus a h-uile duine sa rpgs eile - alas. Bu choir dhomh a bhith feargach mu dheidhinn sin ... , wink.gif Ach tha mi' n dochas gum bi mise ag ionnsachadh cuideachd laugh.gif.

Agus , tha gaol agam oirbh, gu dearbh

hug.gif

Posted by: WizardofOwls 13-May-2005, 08:57 PM
Tha gaol agam ortsa cuideachd, a ghràidh! hug.gif

Posted by: Cù Dubh 15-May-2005, 11:43 AM
Uill, 'S e latha brèagha eile a bh' ann an-diugh agus bha mi a-muigh -sa' Ghàrradh fad an latha. cool.gif Ach chan eil mi cho toilichte oir tha mi grian-loisgte a-nis agus tha mo cheann agus m' amhach uabhasach goirt. unsure.gif Cha robh mi glic idir idir.

Posted by: Faileas 15-May-2005, 11:47 AM
Uill, cha robh mise glic nas motha, a Chu! wink.gif Bha mi ag obair fad an latha sad.gif. Tha e sgothach an-diugh air an t-eilean ach tha e tioram (fhathast ....) laugh.gif

Posted by: WizardofOwls 15-May-2005, 09:42 PM
Bha agam ri obair cuideachd, a Fhaileas! Ìa! Bha i teth tais ann an Virginia an diugh! sad.gif Obh obh! Cù bochd! Tha mi'n dochas gum bi thu a fairreachdainn nas fheàrr a dh'aithghearr!

Posted by: Eiric 16-May-2005, 04:50 AM
Halò! Tha e breagha ann an t-Suain an-duigh, tha e gle bhlàth! Chan eil mi ag obair an diugh!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!
Ach tha ceasnachadh agam a-màireach sad.gif ceasnachadh naiseanta Matamataigs BOOOHOOO sad.gif
Tha mi a saoil gu bheil mi a' crìoch a-màireach sad.gif Cha toil leam idir matamataigs tongue.gif

Posted by: WizardofOwls 16-May-2005, 09:18 AM
Ìa! Cha toigh leam matmataigs a bharrachd! Blech! Chan eil agam ri obair an-diugh cuideachd! Gur math a thèid dhut leis a' cheasnachadh a-màireach!

Posted by: Eiric 17-May-2005, 12:32 AM
Tapadh leibh Wiz! Chan eil mi bi ri mo bheatha fhèin - an dèidh sin...

Posted by: Cù Dubh 17-May-2005, 06:32 AM
QUOTE
Obh obh! Cù bochd!

Tapadh leat Wizard,
Ach, tha mi ceart gu leòr a-nis. Cò-dhiù, cha fhaic sinn a' ghrian ann an Alba a-rithist gus an ath-Bhliadhna! laugh.gif

Posted by: Cù Dubh 17-May-2005, 12:55 PM
Oops ...
Thàing e a-steach orm nuair a bha mi a' leughadh am pòst agam a-rithist gum bu chòir sin a bhith 'chan fhaic'.
Tha sin nas fheàrr, nach eil? idiot.gif
Chan fhaca mi na dealbhan seo a-riamh...

tomcat.gif
Is toil leam am fear seo. laugh.gif laugh.gif

Posted by: WizardofOwls 17-May-2005, 07:54 PM
Glé mhath, a Chù! Tha mi cho thoilichte gu bheil thu a faireachdainn nas fheàrr a-nis! 'S toigh leamsa an dealbh seo cuideachd!

Posted by: WizardofOwls 21-May-2005, 01:28 PM
Hallo a-rithist a h-uile duine! Tha latha math ann ann an Virginia an diugh! Tha a' ghrian a' deàrrsadh agus tha i glé bhlàth! A bheil sibh gu math? Tha mi'n dochas gu bheil! Dé bha sibh a' dèannamh an diugh? Cha do rinn mi dad. Chluich mi air a' choimpiutair fad an latha, agus rinn mi còmhradh leis na chairdean agam! (Chan eil mi cinnteach gu bheil an rosg-rann seo ceart.)

Posted by: Cù Dubh 21-May-2005, 01:53 PM
Tha mi glè mhath tapadh leat.
Bha frasan troma againn an-diugh. Ach tha i tioram an-dràsda.
Chaidh sinn dhan taigh-dhealbh an-diugh agus chunnaic sinn Star Wars. Bha e na b' fheàrr na Phantom Menace agus Attack of the Clones agaus feumaidh mi ràdh nach robh e dona. Ach cha robh e cho math ri Star Wars IV, V agus VI. Chòrd e ri mo chlann cia-tà.

Posted by: Faileas 21-May-2005, 04:22 PM
Bha latha gle thrang agam an-diugh. Bha cus daoine sa bhuth agus cha chordd e rium a bhith a- measg sluagh mhor. sad.gif Uill, tha corothmean an far nach eil e mar sin , gu nadarach. Ma a h-uile daoine ag iarraidh an aon rud, agus an aon miann ... ceol math, ceol lan de gaol, cianalas, aillachd, lasan is reiteachadh ... . tha,an uair sin, tha e ceart gu leor:) laugh.gif cool.gif

Agus saol mi cuine a tha sin ... angel_not.gif

band.gif thumbs_up.gif

Posted by: GunChleoc 25-Jul-2006, 07:04 AM
Halò!

A bheil duine a bhidh iad ag iarraidh sgrìobhadh anns an cuspair seo fhathast? Cha do sgrìobh sibh càil cho fhada...

'S e neach-thòisich a th'annam fhathast, ach tha mi a' sgrìobh ann an sheo an-dràsda oir tha mi ro leisg air mo shon eadar-theangachadh 'sa Bheurla... tha i glè theth anns a' Ghearmailt! Agus tha mo cheann goirt bangin.gif

Powered by Invision Power Board (https://www.invisionboard.com)
© Invision Power Services (https://www.invisionpower.com)