Welcome Guest ( Log In | Register )










Reply to this topicStart new topicStart Poll

> Conversational Gaelic, For Beginners
GunChleoc 
Posted: 11-Apr-2008, 03:58 AM
Quote Post

Member is Offline



Celtic Guardian
********

Group: Celtic Nation
Posts: 200
Joined: 25-Jul-2006
ZodiacBirch

Realm: Roinn-Eorpa







Halò! 'S math d' fhaicinn an-seo cuideachd biggrin.gif


--------------------
'S e saoghal a th' anns gach cànan
Fòram na Gàidhlig
PMEmail Poster               
Top
MacNaBracha 
Posted: 11-Apr-2008, 10:27 AM
Quote Post

Member is Offline



Peasant
*

Group: Celtic Nation
Posts: 21
Joined: 10-Apr-2008
ZodiacAsh

Realm: Tir nan Gall...Tir an Airm

male





'Eil thu nad aonar 'san fhoram seo ma-tha? ca' bheil càch?


--------------------
'S toil leinn drama, lion a' ghlainne.
Cuir an t-searrag sin a-nall.
Mac-na-brach' an gille gasda.
Cha bu rapairean a chlann.
PMEmail Poster               
Top
FamhairCloiche 
Posted: 18-Apr-2008, 02:39 PM
Quote Post

Member is Offline



Honored Clan Member
****

Group: Celtic Nation
Posts: 98
Joined: 26-Feb-2008
ZodiacAsh

Realm: Tulsa, Oklahoma

male





Chan eil. Uaireiginn, 's mise a tha an-seo.
PMEmail Poster               
Top
MacNaBracha 
Posted: 19-Apr-2008, 01:34 AM
Quote Post

Member is Offline



Peasant
*

Group: Celtic Nation
Posts: 21
Joined: 10-Apr-2008
ZodiacAsh

Realm: Tir nan Gall...Tir an Airm

male





Halò a charaid, ciamar a tha thu? Dè cho fad 's a tha thu air a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig?
PMEmail Poster               
Top
bradan 
Posted: 19-Apr-2008, 05:56 PM
Quote Post

Member is Offline



Peasant
*

Group: Celtic Nation
Posts: 23
Joined: 12-Feb-2008
ZodiacHolly

Realm: Alba







Bidh mise ann cuideachd bho àm gu àm! cool.gif

Chan eil torr ùine 'am airson fòraman, ach bidh mi 'sealltainn a-steach nuair a bhios cothrom ann ... mar an-dràsta!

Hm, tha e gu math sàmhach an seo ceart gu leòr. unsure.gif

Dè a bhios sibh uile a' dèanamh airson ur cuid Gàidhlig a chumail suas?

Am bi sibh a' leughadh, no ag èisteachd ri RnG, no ri ceòl Gàidhlig?

'S toil leamsa a bhith ag èisteachd ri ceòl anns a' chàr, no air a' choimpiutair fhad 's a bhios mi ag obair air co-dhiù, agus uaireannan leughaidh mi artagailean anns a' phàipear no air an eadar-lìon.

Tha stuth gu leòr ann a-muigh an sin, anns an t-saoghal Gàidhlig a tha a' fàs anns na meadhanan dealanach agus clò, gu fhòrtanach, ged nach eil fios agam cò bhios a' leughadh a h-uile rud idir, gu h-àraidh an stuth oifigeil..... unsure.gif



--------------------
Thèid mi leis na siùil-mhara
PMEmail Poster               
Top
MacNaBracha 
Posted: 20-Apr-2008, 12:07 AM
Quote Post

Member is Offline



Peasant
*

Group: Celtic Nation
Posts: 21
Joined: 10-Apr-2008
ZodiacAsh

Realm: Tir nan Gall...Tir an Airm

male





Uill, bidh mi-fhìn a' leughadh 's ag èisteachd ri Litir do Luchd-Ionnsachaidh gach seachdain (Tha mi a' smaoineachadh gur e goireas air leth a tha seo. Tha an leabhar "Leabhar nan Litrichean" 's DVD bho CLI agam.) agus cuideachd nuair a tha cothrom agam bidh mi a' coimhead Tbh Gàidhlig air oidhche Ardaoin. Ach 's toil leam a bhith a' sgriobhadh ann am fòraman mar seo bho àm gu àm.
PMEmail Poster               
Top
GunChleoc 
Posted: 26-Apr-2008, 09:57 AM
Quote Post

Member is Offline



Celtic Guardian
********

Group: Celtic Nation
Posts: 200
Joined: 25-Jul-2006
ZodiacBirch

Realm: Roinn-Eorpa







Tha mi a' sgrìobhadh 'sna fòraman agus ag èisdeachd ri RnG mas urrainn dhomh.

'Sna laithean seo tha mi trang ag eadar-theangachadh phpBB. Tha an t-eadar-theangachadh làn de mhearachdan gun teagamh, ach tha mi ag ionnsachadh mòiran le sin.
PMEmail Poster               
Top
MacNaBracha 
Posted: 11-May-2008, 12:08 AM
Quote Post

Member is Offline



Peasant
*

Group: Celtic Nation
Posts: 21
Joined: 10-Apr-2008
ZodiacAsh

Realm: Tir nan Gall...Tir an Airm

male





Tha i air a bhith uabhasach teth grianach ann an Alba thairis air na beagan làithean a dh' fhalbh agus bha moran a-mach anns a' ghrian. Ach cha mhair aimsir mar sin fada san dùthaich-sa agus an-dè bha dile ann. chan fhaca mi uisge mar sin a-riamh ann an Alba. Co-dhiù, cha do mhair sin fada na bu mhò agus tha i tioram a-rithist taing do shealbh. Dè an t-seòrsa aimsir a th' agaib' fhèin far a bheil sibhse?
PMEmail Poster               
Top
GunChleoc 
Posted: 11-May-2008, 07:23 AM
Quote Post

Member is Offline



Celtic Guardian
********

Group: Celtic Nation
Posts: 200
Joined: 25-Jul-2006
ZodiacBirch

Realm: Roinn-Eorpa







Tha i dìreach brèagha grianach biggrin.gif
PMEmail Poster               
Top
MacNaBracha 
Posted: 14-May-2008, 03:38 AM
Quote Post

Member is Offline



Peasant
*

Group: Celtic Nation
Posts: 21
Joined: 10-Apr-2008
ZodiacAsh

Realm: Tir nan Gall...Tir an Airm

male





Uill, tha a' ghrian a' deàrrsadh 'san adhar a-rithist an-seo. 'S dòcha gum bi mòran dhaoine toilichte mu dheidhinn sin far a bheil mi-fhìn co-dhiù air sgàth 's gum bi Rangers a' cluich anns a' chupa UEFA a-nochd agus bidh na luchd-taic aca a-mach a' dèanamh air Manchester. Mi-fhìn? Uill tha mi coma...'S e luchd-taic Celtic a th' annam. Ach co-dhiù guma math a thèid le Rangers a-nochd. Tha mi 'n dòchas gun dèan iad a' chùis. beer_mug.gif thumbs_up.gif
PMEmail Poster               
Top
bradan 
Posted: 14-May-2008, 06:31 PM
Quote Post

Member is Offline



Peasant
*

Group: Celtic Nation
Posts: 23
Joined: 12-Feb-2008
ZodiacHolly

Realm: Alba







Uill, gu mì-fhòrtanach, thachair e ann an doigh eile... sad.gif

Obh uill, 's ann mar sin a tha a' bheatha.

Agus aig deireadh an latha.... (mar a chanas iad wink.gif )
Co-dhiù, co-dhiù.

We'll get over it. 'S dòcha. unsure.gif
PMEmail Poster               
Top
MacNaBracha 
Posted: 14-May-2008, 11:36 PM
Quote Post

Member is Offline



Peasant
*

Group: Celtic Nation
Posts: 21
Joined: 10-Apr-2008
ZodiacAsh

Realm: Tir nan Gall...Tir an Airm

male





Seadh, ach air an làimh eile bidh leth de na daoine ann an Glaschu ann an deagh shunnd an-diugh co-dhiù. wink.gif
PMEmail Poster               
Top
GunChleoc 
Posted: 15-May-2008, 06:43 AM
Quote Post

Member is Offline



Celtic Guardian
********

Group: Celtic Nation
Posts: 200
Joined: 25-Jul-2006
ZodiacBirch

Realm: Roinn-Eorpa







laugh.gif

QUOTE (bradan @ 15-May-2008, 02:31 AM)
We'll get over it. 'S dòcha.  unsure.gif

Thig an latha... smile.gif

@MhicNaBracha: 'S e neach-taic Celtic a th' annadsa, neo fear-taic no tè-taic. No bheil dithis agad ann? An d' rinn iad clone, 's dòcha wink.gif
PMEmail Poster               
Top
MacNaBracha 
Posted: 15-May-2008, 08:05 AM
Quote Post

Member is Offline



Peasant
*

Group: Celtic Nation
Posts: 21
Joined: 10-Apr-2008
ZodiacAsh

Realm: Tir nan Gall...Tir an Airm

male





Cha d' rinn...uill tha mi 'n dòchas co-dhiù. laugh.gif Tapadh leat, mhothaic mi gun do chleachd mi am facal iolra seach am facal singilte a' mhadainn seo ach chan eil Sgeul air edit no a leithid ann. Cà' bheil sibh Mgr Moderator? Am faigh sinn putan edit 'san fhòram seo?
PMEmail Poster               
Top
bradan 
Posted: 16-May-2008, 04:32 PM
Quote Post

Member is Offline



Peasant
*

Group: Celtic Nation
Posts: 23
Joined: 12-Feb-2008
ZodiacHolly

Realm: Alba







QUOTE (MacNaBracha @ 15-May-2008, 09:05 AM)
... mhothaic mi gun do chleachd mi am facal iolra seach am facal singilte a' mhadainn seo ach chan eil Sgeul air edit no a leithid ann. Cà' bheil sibh Mgr Moderator? Am faigh sinn putan edit 'san fhòram seo?

Tha mise ag aontachadh - feumaidh putan Edit a bhith ann. sad.gif

(Ged a tha Preview agus Spellcheck ann.... uairegin chan eil sinn a' faicinn na mearachdan no typos ach an ath latha. 'S e an 'morning after syndrome' a th' ann, tha mi a' smaoineachadh! cool.gif )
PMEmail Poster               
Top
0 User(s) are reading this topic (0 Guests and 0 Anonymous Users)
0 Members:

Reply to this topic Quick ReplyStart new topicStart Poll


 








© Celtic Radio Network
Celtic Radio is a TorontoCast radio station that is based in Canada.
TorontoCast provides music license coverage through SOCAN.
All rights and trademarks reserved. Read our Privacy Policy.








[Home] [Top]