Welcome Guest ( Log In | Register )










Reply to this topicStart new topicStart Poll

> Conversational Gaelic, For Beginners
WizardofOwls 
Posted: 11-Dec-2005, 05:03 AM
Quote Post

Member is Offline





Wanderer and Vagabond
********

Group: Celtic Nation
Posts: 5,142
Joined: 12-Mar-2004
ZodiacVine

Realm: Wytheville, Virginia

male





Chan fhaca mi e fhathast! sad.gif Is toigh leam an leabhar glé mhath! Tha mi ag iarraidh a' dhol ann! Tha mi'n dochas gum bi mi ga fhaicinn a dh'aithghearr!

(Chan eil mi cinnteach gu bheil sin ceart! sad.gif )


--------------------
Slàn agus beannachd,
Allen R. Alderman

'S i Alba tìr mo chridhe. 'S i Gàidhlig cànan m' anama.
Scotland is the land of my heart. Gaelic is the language of my soul.
PMEmail PosterMy Photo Album               
Top
Maddie 
Posted: 11-Dec-2005, 07:55 AM
Quote Post

Member is Offline



Chieftain of the Clan
*****

Group: Celtic Nation
Posts: 100
Joined: 18-Apr-2005
ZodiacBirch


female





chan fhaca mi e fhathast cuideachd ach chi mi e a dh'aithghearr. 'S toil leam math an leabhear.

Tha mi toilichte gu chòrd e riut, a chu dhubh.

oh dè bha mi airson gad fhreagairt... carson a 's an t-ainm Cù dubh a th'ort?
PMEmail Poster               
Top
Cù Dubh 
Posted: 11-Dec-2005, 10:56 AM
Quote Post

Member is Offline



Celtic Guardian
********

Group: Celtic Nation
Posts: 321
Joined: 15-Dec-2003
ZodiacRowan

Realm: Alba

male





Wizard - Na gabh dragh a
PMEmail Poster               
Top
Cù Dubh 
Posted: 11-Dec-2005, 10:57 AM
Quote Post

Member is Offline



Celtic Guardian
********

Group: Celtic Nation
Posts: 321
Joined: 15-Dec-2003
ZodiacRowan

Realm: Alba

male





Wizard - Na gabh dragh a charaid. Tha do Ghàidhlig glè mhath agus co-dhiù, tha sinn uile nar luchd-ionnsachaidh. 'S fheàrr leam Gàidhlig bhriste na Beurla chliste mar a channas iad. biggrin.gif

A' Mhaddie - Chan eil mi cinnteach carson a th' an t-ainm sin orm. Nuair a bha mi nam bhalach bheag b' àbhaist do mo sheanmhair (a bha à Tir Chonaill ann an Eirinn) a bhith ag innse sgeulachdan dhomh. Sgeulachdan mar Fionn Mac Cumhail agus Cùchullainn. Sgeulachdan cho ceilteach 's a ghabhas. Uill co-dhiù, air an adhbhar sin, is toil leam an t-ainm - Cùchullainn agus 's toil leam am facal Gàidhlig - Cù gu h-àraidh. 'S dòcha gu robh sin a' chiad fhacal a dh' ionnsaich mi -sa' Ghàidhlig. Ach carson - Dubh...Uill chan eil falt dubh orm tha eagal orm. 'S dòcha gu bheil e direach facal math a chuir ri chèile ri taobh an fhacail - Cù
Chan e freagairt mhath a th' ann. Ach chan eil eile agamsa. rolleyes.gif rolleyes.gif


--------------------
Bruidhinnibh Gàidhlig Rium.
PMEmail Poster               
Top
Maddie 
Posted: 11-Dec-2005, 06:14 PM
Quote Post

Member is Offline



Chieftain of the Clan
*****

Group: Celtic Nation
Posts: 100
Joined: 18-Apr-2005
ZodiacBirch


female





a Chu, tha freagairt glè snog ann. smile.gif

chan eil falt dubh ort? obh obh... nach bochd sin, tha mi an dòchas tha cuid falt ann, hehe. Chan eil mi ach a’tarraing asad.

Dh'ithe mi cus briosgaidean Nollaige... sad.gif
PMEmail Poster               
Top
Cù Dubh 
Posted: 12-Dec-2005, 05:49 AM
Quote Post

Member is Offline



Celtic Guardian
********

Group: Celtic Nation
Posts: 321
Joined: 15-Dec-2003
ZodiacRowan

Realm: Alba

male





Hehe tongue.gif biggrin.gif
Chan eil mi cho measail air bhriosgaidean. Ach òliaidh mi cus Laphroaig aig an Nollaig. Uill. bidh mi beò an dòchas co-dhiù. laugh.gif
PMEmail Poster               
Top
WizardofOwls 
Posted: 12-Dec-2005, 09:22 AM
Quote Post

Member is Offline





Wanderer and Vagabond
********

Group: Celtic Nation
Posts: 5,142
Joined: 12-Mar-2004
ZodiacVine

Realm: Wytheville, Virginia

male





Ummm Laphroaig? Dé tha seo? 'Se "Ignorant American" a th' annmsa! biggrin.gif
PMEmail PosterMy Photo Album               
Top
Maddie 
Posted: 12-Dec-2005, 06:12 PM
Quote Post

Member is Offline



Chieftain of the Clan
*****

Group: Celtic Nation
Posts: 100
Joined: 18-Apr-2005
ZodiacBirch


female





tsk, wizard!

's e uisge beatha den Ìle a th'ann laphroaige. tha blasad sònraichte aige mar a h-uile uisgachan beatha às na h-eileanan. 'S uirrain dhut ga cheannach aig ABC stores cuideachd.
PMEmail Poster               
Top
Cù Dubh 
Posted: 13-Dec-2005, 03:48 AM
Quote Post

Member is Offline



Celtic Guardian
********

Group: Celtic Nation
Posts: 321
Joined: 15-Dec-2003
ZodiacRowan

Realm: Alba

male





Seadh, tha sin ceart agus feumaidh mi ràdh gu bheil e air leth-math blasta! Tha e air a dhèanamh ann an Ile mar a thuirt Maddie. Chan eil e coltach ri uisge beatha sam bith eile idir. Cha toil leam uisge beatha mar is trice. Ach tha Laphroaig rud beag eadar-dhealaichte. 'S e blas 'smokey' a th' aige...'S e blas na Gàidhealtachd a tha sin. biggrin.gif
PMEmail Poster               
Top
Maddie 
Posted: 13-Dec-2005, 09:50 PM
Quote Post

Member is Offline



Chieftain of the Clan
*****

Group: Celtic Nation
Posts: 100
Joined: 18-Apr-2005
ZodiacBirch


female





hehe, a bheil thu ceart gu dearbh! 's toil leam na uisgeachan beatha na h-eilean!
Am faod mi thogail an drama? Slàinte, a Chù dhubh!
PMEmail Poster               
Top
Cù Dubh 
Posted: 14-Dec-2005, 05:32 AM
Quote Post

Member is Offline



Celtic Guardian
********

Group: Celtic Nation
Posts: 321
Joined: 15-Dec-2003
ZodiacRowan

Realm: Alba

male





Faodaidh gu dearbh a ghràidh. Air do shlàinte! beer_mug.gif
Bruidhinn mu dheidhinn uisge beatha, tha mi a' leughadh leabhar math an-dràsda. ‘S e Whisky Galore le Compton MacKenzie an tiotal a th’ air. Agus tha e gle èibhinn. Tha mi air am film fhaicinn iomad turasan. Ach tha an leabhar mòran nas fheàrr.
PMEmail Poster               
Top
Maddie 
Posted: 14-Dec-2005, 07:17 AM
Quote Post

Member is Offline



Chieftain of the Clan
*****

Group: Celtic Nation
Posts: 100
Joined: 18-Apr-2005
ZodiacBirch


female





tha mi a'smoaineachadh gum bidh leabhraichean as motha nas fheàrr nan ar fiolman. Tha iomad eisimplirean ann. 'S toil leam 'Lord of the Rings' leabhraichean agus fiolman... ach 's fheàrr leam leabhraichean "Harry Potter" na na fiolman.
PMEmail Poster               
Top
Cù Dubh 
Posted: 15-Dec-2005, 05:19 AM
Quote Post

Member is Offline



Celtic Guardian
********

Group: Celtic Nation
Posts: 321
Joined: 15-Dec-2003
ZodiacRowan

Realm: Alba

male





Tha sin fior. Tha mi a' dol a dh' fhaicinn King Kong Disathairne leis a' chlann. Ach 's dòcha gum bi a' chiad fhilm nas fheàrr na am fear seo, eadhon ged a bhios am film ùr a' coimhead fada nas fheàar anns a h-uile dòigh. rolleyes.gif
PMEmail Poster               
Top
Cù Dubh 
Posted: 16-Dec-2005, 03:30 AM
Quote Post

Member is Offline



Celtic Guardian
********

Group: Celtic Nation
Posts: 321
Joined: 15-Dec-2003
ZodiacRowan

Realm: Alba

male





Chaidh prògram Gàidhlig air a chraoladh a-raoir air BBC2 Alba. 'S e an t-ainm a bh' air 'An dà shealladh' agus bha e glè inntinneach gu dearbh. Bha am prògram mu dheidhinn taibhsean agus an dà-shealladh ann an Gàidhealtachd na h-Alba, gu h-àraidh anns an Eilean Sgitheanach. Bha sgeulachdan gu leòr aig na bodaich is na callich ann. Ach rinn fear de na sgeulachdan aca drùdhadh air m' inntin. Thachair e ann am Port-Righ o chionn ghreis. Bha càr a' mhinisteir a' dol air a' bhàt-aiseig . Ach bha rudeigin ceàrr air agus cha do sguir e...Chum e a' dol agus thuit an càr anns a' mhuir. Chaidh am ministear, bean a' mhinisteir agus an dithis chlann aca a bhàthadh. 'S e sgeul duillich a bh' ann gun teagamh. Ach thachair rudeigin annasach an dèidh sin. Chunnaic mòran dhaoine air feadh na h-eilein an dearbh càr aig a' mhinistear a-rithist. Cannidh cuid càr taibhse no ghost car ris agus bidh na daoine fhathast ga fhaicnn a' dol sios an rathaid gu Port-Righ. unsure.gif
De ur beachd...A bheil sibh ga chreidsinn?
PMEmail Poster               
Top
Maddie 
Posted: 17-Dec-2005, 03:58 PM
Quote Post

Member is Offline



Chieftain of the Clan
*****

Group: Celtic Nation
Posts: 100
Joined: 18-Apr-2005
ZodiacBirch


female





Cha b'urrain dhomh fhaicinn BBC Alba telebhisean idir agus fliù 's chan urrain dhomh èisdeachd ris reidio nan Gaidheal oir bidh iad 'cleanachd 'real player'. Nach bochd sin!
PMEmail Poster               
Top
0 User(s) are reading this topic (0 Guests and 0 Anonymous Users)
0 Members:

Reply to this topic Quick ReplyStart new topicStart Poll


 








© Celtic Radio Network
Celtic Radio is a TorontoCast radio station that is based in Canada.
TorontoCast provides music license coverage through SOCAN.
All rights and trademarks reserved. Read our Privacy Policy.








[Home] [Top]