Printable Version of Topic
Click here to view this topic in its original format |
Celtic Radio Community > Scottish Gaelic > Nollaig Chridheil Dhan A H-uile Duine! |
Posted by: fionamac 26-Dec-2004, 08:53 AM |
Hallo agus Nollaig Chridheil dhan a h-uile duine air a bhord! Tha mi'n dochas gu bheil na laithean saora a cordadh dhuibh uile agus gur e deagh Bhliadhn' ur a bhios tighinn dhuibh!! Gach deagh dhurachd Fiona[/COLOR][/SIZE][/FONT] |
Posted by: WizardofOwls 26-Dec-2004, 12:10 PM |
Hallo a Fhionamac! Agus Nollaig Cridheil dhuta cuideachd! Agus fàilte gu RèidioCeilteach, a charaid! |
Posted by: fionamac 27-Dec-2004, 04:52 AM |
Tapadh leatsa a" Bhuidseach den Cailleachain -oidhche"!- Se 'Fionnghal' an t-ainm a th'air Fiona ann an Gaidhlig ach chan eil mi ga cleachdadh gu tric. oill. se Nollaig Gheal a bh'againn! 5" co dhiubh agus tha tuilleadh a tighinn a nochd tha mi a smaoineachadh. Bha e breagha ach bha na raidean direach sgriosail. A bheil uidh agad's s a Seinn Gaidhlig? Se seinneadar Gaidhlig a th'anamsa agus tha program agam airson Orain Ghaidlig air an steisean reidio air an eadar-lion ach s'doch nach bu chor dhomh bhith canntain mu dheidhinn sinn air an larach seo! Tha e gu math eadar- dhealaichte ge ta- progam 'beo' gach co la deug. Se larach snog a tha seo agus bi mi a tighinn dhan bhord gu tric tha mi smaoineachadh a nis'. Bliadhna Mhath ur nuair a thigeas e! |
Posted by: WizardofOwls 27-Dec-2004, 08:07 PM | ||
Hallo a-rithist a Fhiona! Och tha! 'S toigh leam glé mhath a bhi 'g eisdeachd ri Seinn Gàidhlig! Ach tha mi duillich! Chan eil ach beagan Gàidhlig agam a-nis! Tha mi ga ionnsachadh, ge-tà! 'S toigh leam an t-sneachda cuideachd! Dé an seòladh air an steisean reidio air an eadar-lion agad? Bu toigh leam glé math a' dol ann! Uill feumaidh mi falbh a-nis! Cuir ceart na mearchdan agam mas e do thoil e! Tapadh leat roimh làimh! |
Posted by: fionamac 28-Dec-2004, 11:34 AM |
Hiya Wizard( Buidseach) Gu math math fuar ann a sheo an drasd'. Sneachd air an lar agus tha e fhathast a tighinn sios. Cinnteach gur e Nollaig gu math eadar dhealaichte bhon fheadhainn eile tarsainn air an t-saoghal! Seo an seoladh airson a phrogram - n dochas gu bheil e ceadaichte airson sin a cuir a mach air a bhord ach mar athuirt mi , se program gu math eadar dhealaichte th''ann bhon an fhear seo. - www.internetradio.co.uk agus put air Kitchen Ceilidh - cuiridh mi fios amach airson an larach seo cuideachd! Gu math theid leat leis a Ghaidhlg ionnsachadh cuideachd! Cum a dol! ( tha leasan Gaidhlig agam air a 'show' agam cuideachd, air a reidio) Durachdan Fiona |
Posted by: WizardofOwls 30-Dec-2004, 06:38 PM |
Hallo a Fhiona! Tha i glé bhlàth ann an Virginia anns na Staitean Anoichte a-nochd! Tapadh leat airson an seoladh gu internet radio! Tha e cordadh rium glan! Uill, feumaidh mi falbh a-nis, a ghràidh! |
Posted by: fionamac 31-Dec-2004, 04:32 AM |
Direach airson ag radh Bliadhna Mhath ur nuair a thigeas e!! Bidh sinne ann an Glaschu aig a BhBC airson a phrogram Hogmanay Live- deagh spors! bidh mo nighean a seinn ri Karen Matheson a Chapercaillie. Durachdan Fiona |
Posted by: WizardofOwls 02-Jan-2005, 06:46 PM |
Och! 'S fìor thoigh leam Capercaillie! Abair spors! |
Posted by: MacPhee 02-Jan-2005, 11:11 PM | ||
Hallò Fhiona. It's a little late for greetings but, Nollaig chridheil agus bliadhna mhath ùr.to you and all your family. How is everything?Must still be very buzzy. MacPhee |
Posted by: MacPhee 02-Jan-2005, 11:22 PM | ||||
Hallò also to you Wizard. Hope you had nice Holidays. MacPhee |
Posted by: fionamac 06-Jan-2005, 05:16 AM | ||||
Hallo MacaPhi Bliadhna Mhath Ur dhutsa cuideachd! N dochas gum bidh deagh BHliadhna agadsa! Tha sinn fhathast a recobheradh! Had a great t New |Year and still recovering! First footing still going on all over the place -safe to say we First Foot most of January!! Weather dreadful here and the lights come down today of course, very depressing - oh well, better do some more First Footing!! Le gach deagh dhurachd Fiona |