Printable Version of Topic
Click here to view this topic in its original format
Celtic Radio Community > Scottish Gaelic > Gaidhlig


Posted by: Aonghas01 06-Jul-2008, 05:27 PM
Ciamar a tha sibh uile? Tha mi gle thoilichte a' gaidhlig fhaicinn an seo.'Sann mhuinntir a Chanada a tha mi, Alba Nuaidh. Gabh leisguel mo litrichadh. Oh Uill ,Chaneil mi cho math a sgriobhadh 'sa bheurla nas mo::)ach feumaidh sinn oidhrip a dheanamh air a son no nach biodh gaidhlig idir ann.

Le gach deagh dhurachd...Aonghas

Posted by: GunChleoc 07-Jul-2008, 02:00 AM
Fàilte ort, Aonghas! biggrin.gif

Tha mise às a' Ghearmailt.

Tha e daonnan math daoine ùr fhaicinn agus Gàidhlig aca, litricheadh math ann no às. thumbs_up.gif

Posted by: bradan 09-Jul-2008, 05:43 PM
Agus fàilte bhuamsa cuideachd, 's mise à Alba!

'S math gu dearbh buill ùra fhaicinn an seo! smile.gif

Latha de na làithean bu toil leam a dhol a dh'Alba Nuadh. Leugh mi torr mu a deidhinn agus tha sgrìobhadairean is seinneadairean math ann.

A bheil thu ag ionnsachadh Gàidhlig tro cùrsaichean (Colaiste St Anne's?) no anns an teaghlach no a' choimhearsnachd?

Posted by: MacNaBracha 11-Jul-2008, 10:41 AM
Halò Aonghais, 'eil sibh ann fhathast? Ciamar a tha sibh?
'S mise Pòl agus 's ann às an t-seann dùthaich a tha mi cuideachd. Tha mi a' smaoineachadh gu bheil Gàidhlig ghrinn agaibh a charaid. Saoil an do dh'ionnsaich sibh i aig glùin ur màthar ann an Alba Nuadh...
Co-dhiù, ceud mile fàilte chun a' bhùird. smile.gif

Powered by Invision Power Board (https://www.invisionboard.com)
© Invision Power Services (https://www.invisionpower.com)