Chan eil torr ùine 'am airson fòraman, ach bidh mi 'sealltainn a-steach nuair a bhios cothrom ann ... mar an-dràsta!
Hm, tha e gu math sàmhach an seo ceart gu leòr.
Dè a bhios sibh uile a' dèanamh airson ur cuid Gàidhlig a chumail suas?
Am bi sibh a' leughadh, no ag èisteachd ri RnG, no ri ceòl Gàidhlig?
'S toil leamsa a bhith ag èisteachd ri ceòl anns a' chàr, no air a' choimpiutair fhad 's a bhios mi ag obair air co-dhiù, agus uaireannan leughaidh mi artagailean anns a' phàipear no air an eadar-lìon.
Tha stuth gu leòr ann a-muigh an sin, anns an t-saoghal Gàidhlig a tha a' fàs anns na meadhanan dealanach agus clò, gu fhòrtanach, ged nach eil fios agam cò bhios a' leughadh a h-uile rud idir, gu h-àraidh an stuth oifigeil.....
Uill, bidh mi-fhìn a' leughadh 's ag èisteachd ri Litir do Luchd-Ionnsachaidh gach seachdain (Tha mi a' smaoineachadh gur e goireas air leth a tha seo. Tha an leabhar "Leabhar nan Litrichean" 's DVD bho CLI agam.) agus cuideachd nuair a tha cothrom agam bidh mi a' coimhead Tbh Gàidhlig air oidhche Ardaoin. Ach 's toil leam a bhith a' sgriobhadh ann am fòraman mar seo bho àm gu àm.
Tha mi a' sgrìobhadh 'sna fòraman agus ag èisdeachd ri RnG mas urrainn dhomh.
'Sna laithean seo tha mi trang ag eadar-theangachadh phpBB. Tha an t-eadar-theangachadh làn de mhearachdan gun teagamh, ach tha mi ag ionnsachadh mòiran le sin.
Tha i air a bhith uabhasach teth grianach ann an Alba thairis air na beagan làithean a dh' fhalbh agus bha moran a-mach anns a' ghrian. Ach cha mhair aimsir mar sin fada san dùthaich-sa agus an-dè bha dile ann. chan fhaca mi uisge mar sin a-riamh ann an Alba. Co-dhiù, cha do mhair sin fada na bu mhò agus tha i tioram a-rithist taing do shealbh. Dè an t-seòrsa aimsir a th' agaib' fhèin far a bheil sibhse?
Uill, tha a' ghrian a' deàrrsadh 'san adhar a-rithist an-seo. 'S dòcha gum bi mòran dhaoine toilichte mu dheidhinn sin far a bheil mi-fhìn co-dhiù air sgàth 's gum bi Rangers a' cluich anns a' chupa UEFA a-nochd agus bidh na luchd-taic aca a-mach a' dèanamh air Manchester. Mi-fhìn? Uill tha mi coma...'S e luchd-taic Celtic a th' annam. Ach co-dhiù guma math a thèid le Rangers a-nochd. Tha mi 'n dòchas gun dèan iad a' chùis.
Cha d' rinn...uill tha mi 'n dòchas co-dhiù. Tapadh leat, mhothaic mi gun do chleachd mi am facal iolra seach am facal singilte a' mhadainn seo ach chan eil Sgeul air edit no a leithid ann. Cà' bheil sibh Mgr Moderator? Am faigh sinn putan edit 'san fhòram seo?
... mhothaic mi gun do chleachd mi am facal iolra seach am facal singilte a' mhadainn seo ach chan eil Sgeul air edit no a leithid ann. Cà' bheil sibh Mgr Moderator? Am faigh sinn putan edit 'san fhòram seo?
Tha mise ag aontachadh - feumaidh putan Edit a bhith ann.
(Ged a tha Preview agus Spellcheck ann.... uairegin chan eil sinn a' faicinn na mearachdan no typos ach an ath latha. 'S e an 'morning after syndrome' a th' ann, tha mi a' smaoineachadh! )
0 User(s) are reading this topic (0 Guests and 0 Anonymous Users)