Welcome Guest ( Log In | Register )










Reply to this topicStart new topicStart Poll

> Conversational Gaelic, For Beginners
Cù Dubh 
Posted: 03-Aug-2006, 01:22 PM
Quote Post

Member is Offline



Celtic Guardian
********

Group: Celtic Nation
Posts: 321
Joined: 15-Dec-2003
ZodiacRowan

Realm: Alba

male





Tha mi a' smaoineachadh gu bheil thu a' dèanamh air leth math leis a' Ghàidhlig a' bhana-charaid. Tha mi à Alba (air a' Ghalltachd) agus tha mi nam neach-ionnsachaidh cuideachd. Bha mi air a bhith air falbh airson o chionn ghreis ach tha mi air ais air a' bhòrd. Co-dhiù, ca' bheil duine sam bith eile? beer_mug.gif


--------------------
Bruidhinnibh Gàidhlig Rium.
PMEmail Poster               
Top
GunChleoc 
Posted: 03-Aug-2006, 11:37 PM
Quote Post

Member is Offline



Celtic Guardian
********

Group: Celtic Nation
Posts: 200
Joined: 25-Jul-2006
ZodiacBirch

Realm: Roinn-Eorpa







Halò a' Chù, 's math do chionneachadh! biggrin.gif
Hello Cù, good to meet you

Tha mi toilichte nach eil an cuspair seo marbh!
I'm glad this topic isn't dead


--------------------
'S e saoghal a th' anns gach cànan
Fòram na Gàidhlig
PMEmail Poster               
Top
Cù Dubh 
Posted: 04-Aug-2006, 06:19 AM
Quote Post

Member is Offline



Celtic Guardian
********

Group: Celtic Nation
Posts: 321
Joined: 15-Dec-2003
ZodiacRowan

Realm: Alba

male





QUOTE
Tha mi toilichte nach eil an cuspair seo marbh

Uill, Tha mi 'n dòchas nach eil. Ach mar a thuirt mi riut - tha mi air a bhith air falbh airson uine mhòr. Saoil carson a tha e cho samhach an-seo?
co-dhiù, tha e math do choinneachadh cuideach.
PMEmail Poster               
Top
GunChleoc 
Posted: 04-Aug-2006, 11:01 AM
Quote Post

Member is Offline



Celtic Guardian
********

Group: Celtic Nation
Posts: 200
Joined: 25-Jul-2006
ZodiacBirch

Realm: Roinn-Eorpa







QUOTE (Cù Dubh @ 04-Aug-2006, 02:19 PM)
Saoil carson a tha e cho samhach an-seo?

Chan eil mi eòlach air idir... 's e neach ùr a th' annam ann an-seo. 's dòcha gu bheil eagal air an luchd-toisich rudeigin a sgrìobh agus mearachdan a dhèanamh sad.gif
I have no idea... I'm a newbie here. Maybe the beginners are afraid to post something and make mistakes

Na gabhaibh eagal oirbh! Cuidichibh sinn leibh smile.gif
Uill, feuchaidh mi laugh.gif


Don't be afraid! We'll help you
Well, I'll try
PMEmail Poster               
Top
Cù Dubh 
Posted: 05-Aug-2006, 11:21 AM
Quote Post

Member is Offline



Celtic Guardian
********

Group: Celtic Nation
Posts: 321
Joined: 15-Dec-2003
ZodiacRowan

Realm: Alba

male





Mise cuideachd....ma-tha cuideachadh a dhith air duine sam bith, bhithinn-sa toilichte an cuideachadh.
An toil leat ceòl Gàidhealach a' Ghun?
PMEmail Poster               
Top
GunChleoc 
Posted: 05-Aug-2006, 12:05 PM
Quote Post

Member is Offline



Celtic Guardian
********

Group: Celtic Nation
Posts: 200
Joined: 25-Jul-2006
ZodiacBirch

Realm: Roinn-Eorpa







Is toil leam ceòl traidiseanta agus Runrig - chan eil mi eòlach air mòran còmhlan eile fhathast...

Chaidh mi dhan Danmark an ath-seachdain airson dà chuirm-ciùil Runrig clap.gif
PMEmail Poster               
Top
Cù Dubh 
Posted: 06-Aug-2006, 01:40 PM
Quote Post

Member is Offline



Celtic Guardian
********

Group: Celtic Nation
Posts: 321
Joined: 15-Dec-2003
ZodiacRowan

Realm: Alba

male





Math gu rireabh! smile.gif Mu choig bliadhna deug air ais chunnaic mi Runrig air da thuras. A' chiad thuras bha mi anns an Oban agus an ath-thurais a chunnaic mi iad bha mi ann an Glaschu. Bu fheàrr leam iad nuair a bha Donnie anns a' chòmhlan tha agam ri ràdh. De do bheachd?
PMEmail Poster               
Top
GunChleoc 
Posted: 06-Aug-2006, 02:13 PM
Quote Post

Member is Offline



Celtic Guardian
********

Group: Celtic Nation
Posts: 200
Joined: 25-Jul-2006
ZodiacBirch

Realm: Roinn-Eorpa







Chunnaic mi Runrig a' chiad thuras an Samhain sa chaidh. Cha robh mi eòlach orra idir, chaidh mi ann còmhla ri caraid. 'S ann aig an cuirm-ciùil seo a chuala mi Gàidhlig a' chiad thuras biggrin.gif

'S toil leam Donnie gu dearbh! Is toil leam Bruce cuideachd co-dhiù, ach chan eil mòran Gàidhlig aige ge-tà, tha mi a' smaoineachadh. 'S urrainn dhan Ruairidh seinn gu fortanach. 'S fior thoil leam an guth aige!
PMEmail Poster               
Top
GunChleoc 
Posted: 07-Aug-2006, 12:42 AM
Quote Post

Member is Offline



Celtic Guardian
********

Group: Celtic Nation
Posts: 200
Joined: 25-Jul-2006
ZodiacBirch

Realm: Roinn-Eorpa







QUOTE (GunChleoc @ 06-Aug-2006, 10:13 PM)
'S fior thoil leam an guth aige!

Tha mi a' smaoineachadh an-dràsda gu bheil e "'S fior thoil leam a ghuth!" unsure.gif
PMEmail Poster               
Top
Cù Dubh 
Posted: 07-Aug-2006, 11:25 AM
Quote Post

Member is Offline



Celtic Guardian
********

Group: Celtic Nation
Posts: 321
Joined: 15-Dec-2003
ZodiacRowan

Realm: Alba

male





Tha mi a' smaoineachadh nach eil mòran diofar ann. Tha deagh Gàidhlig agad a' charaid. Shaoilinn gu robh thu 'g ionnsachadh Gàidhlig airson ùine mhoir. Thoisich mi air a' Ghàidhlig mu thri no ceithir bliadhnachan air ais. Ach bi mi a' dèanamh mearachdan fad an t-siubhail rolleyes.gif Ach chan eil mearachd no dhà a' dèanamh diofar sam bith. Cum suas an deagh obair. smile.gif
Tha mi a' dol leat. 'S e seinneadair math a th' ann.
PMEmail Poster               
Top
GunChleoc 
Posted: 07-Aug-2006, 12:22 PM
Quote Post

Member is Offline



Celtic Guardian
********

Group: Celtic Nation
Posts: 200
Joined: 25-Jul-2006
ZodiacBirch

Realm: Roinn-Eorpa







Uill, nì mi mòran mearachdan eile gu nàdarrach, ach is toil leam ceartachadh a dhèanamh mas urrainn dhomh. Agus ionnsaich mi rudeigin ùr an-diugh: 'S e "Thèid mi a Dhanmark" a bhi agam ri ràdh biggrin.gif

Falbhaidh mi a-màireach agus tillidh mi an deireadh-seachdaine seo. Nì mi ceilidh còmhla ri caraid ann an Odense agus thèid sinn dhan cuirm ciùil le chèile. Agus bidh caraid air-loidhne ann an Sønderborg. Tha mi an dòchas gu bheil thu ann fhathast nuair a bhidh mi air ais, a Chù! Cuine a tha thu air a bhidh air falbh?
PMEmail Poster               
Top
Cù Dubh 
Posted: 09-Aug-2006, 12:55 AM
Quote Post

Member is Offline



Celtic Guardian
********

Group: Celtic Nation
Posts: 321
Joined: 15-Dec-2003
ZodiacRowan

Realm: Alba

male





Turas math dhut a charaid.
Cha bhi mi a' dol falbh am bliadhna gu mi-fhortanach. Co-dhiù, greas ort air ais.
PMEmail Poster               
Top
GunChleoc 
Posted: 17-Aug-2006, 02:28 AM
Quote Post

Member is Offline



Celtic Guardian
********

Group: Celtic Nation
Posts: 200
Joined: 25-Jul-2006
ZodiacBirch

Realm: Roinn-Eorpa







Uill, tha mi air ais an-dràsda agus bha e math dha-rìribh!
Well, I'm back now and it was great

Bha mi nam sheasamh dìreach ris an àrd-ùrlar ann an Sønderborg!
I stood right against the stage in Sønderborg

Seallaibh dealbhan:

Odense:

user posted image

user posted image

user posted image

user posted image

Sønderborg:

user posted image

user posted image

user posted image

user posted image

user posted image

user posted image
PMEmail Poster               
Top
Cù Dubh 
Posted: 18-Aug-2006, 11:57 PM
Quote Post

Member is Offline



Celtic Guardian
********

Group: Celtic Nation
Posts: 321
Joined: 15-Dec-2003
ZodiacRowan

Realm: Alba

male





Deagh dhealbhan gu dearbh! Agus bha thu faisg air a' chomhlan mar a thuirt thu. Glè mhath. Ciamar a tha do chlusan? laugh.gif
PMEmail Poster               
Top
GunChleoc 
Posted: 19-Aug-2006, 12:24 AM
Quote Post

Member is Offline



Celtic Guardian
********

Group: Celtic Nation
Posts: 200
Joined: 25-Jul-2006
ZodiacBirch

Realm: Roinn-Eorpa







Bha an fuaim beagan na b' àirde ann an Sønderborg oir bha mi ris an àrd-ùrlar agus na drumaichean glè labhar nuair a bha iad a' cluich A Reiteach, ach cha robh e ro dhoirbh. Bha mo chluasan math gu leòr an ath latha biggrin.gif
PMEmail Poster               
Top
0 User(s) are reading this topic (0 Guests and 0 Anonymous Users)
0 Members:

Reply to this topic Quick ReplyStart new topicStart Poll


 








© Celtic Radio Network
Celtic Radio is a TorontoCast radio station that is based in Canada.
TorontoCast provides music license coverage through SOCAN.
All rights and trademarks reserved. Read our Privacy Policy.








[Home] [Top]