Aye, 's dòcha. Ach nach do sgrìobh e 'sa Ghàidhlig an siud 's an-seo 'san fhòram seo fhèin? Co-dhiù, tha mi air mo dòigh an-diugh, bhuannaich Celtic an-liog a-raoir. Tha mi làn chinnteach gu robh Tommy Burns nach maireann a' coimhead a-nuas bho nèamh le fiamh-gàire cuideachd. Gus am brìs an latha a Thomaidh.
--------------------
'S toil leinn drama, lion a' ghlainne. Cuir an t-searrag sin a-nall. Mac-na-brach' an gille gasda. Cha bu rapairean a chlann.
Bha fios agam nach bi mòran tìde agamsa pairt a ghabail air bùird-brath anns an eadar-lìon, ach bha mi a' smaointinn gum biodh barrachd aig daoine eile - cha bhiodh, gu follaiseach!
Dè a tha sibh air a bhith a' dèanamh fad na h-ùine? An robh sibh dìcheallach aig an obair (mar a bha mi fhìn, tha fios ), no air làithean-saora 's dòcha?
Bha beag de làithean dheth agamsa o chionn ghoirid ach b' fheudar dhomh rud no dhà (no trì...) chur air doigh anns an taigh agus timcheall air, agus dèiligeadh ri stuth teaghlaich. Mar sin cha b' e direach fois a bh' ann idir!
Ach bha an t-sìde math, annabarrach math is grianach, gu dearbh, agus bha a h-uile duine a' faireachdainn sona, toilichte. Tha e gu math tlachdmhor nuair a bhios na daoine air deagh ghleus, fad an latha, a h-uile latha, agus sin fad sheachdainean! Cha bhi dùil againn ris!
Ciamar a bha na laithean-saora anns a' Dhanmhairg, a Ghunchleoic? Dè cho fad 's a bha thu ann?
Tha rud ceàrr leis a' bhòrd seo - chan eil na cuspairean nas ùra air a' chiad duilleag tuilleadh (no 's dòcha gum bidh am brath seo ann a-nis - chì sinn!).
Sgrìobhaibh càil - tha mi a' faireachdainn nach e duine ann ach mise!
Bha an turas anabarrach math! Bha i glè theth co-dhiù nuair an robh sinn ag obair aig an taigh-taisbeanaidh. Bha e math èisdeachd ri Runrig gun uisge trom ann co-dhiù!
Gheibh thu dealbhan is leabhar-latha 'sa Bheurla an-siud.
Hello to all....I am beginning to learn something of the language of my heritage. I havent been on much in the last 2 years...but I hope to find time to drop in and sharpen this desire from time to time!