Wizard - Na gabh dragh a charaid. Tha do Ghàidhlig glè mhath agus co-dhiù, tha sinn uile nar luchd-ionnsachaidh. 'S fheàrr leam Gàidhlig bhriste na Beurla chliste mar a channas iad.
A' Mhaddie - Chan eil mi cinnteach carson a th' an t-ainm sin orm. Nuair a bha mi nam bhalach bheag b' àbhaist do mo sheanmhair (a bha à Tir Chonaill ann an Eirinn) a bhith ag innse sgeulachdan dhomh. Sgeulachdan mar Fionn Mac Cumhail agus Cùchullainn. Sgeulachdan cho ceilteach 's a ghabhas. Uill co-dhiù, air an adhbhar sin, is toil leam an t-ainm - Cùchullainn agus 's toil leam am facal Gàidhlig - Cù gu h-àraidh. 'S dòcha gu robh sin a' chiad fhacal a dh' ionnsaich mi -sa' Ghàidhlig. Ach carson - Dubh...Uill chan eil falt dubh orm tha eagal orm. 'S dòcha gu bheil e direach facal math a chuir ri chèile ri taobh an fhacail - Cù Chan e freagairt mhath a th' ann. Ach chan eil eile agamsa.
's e uisge beatha den Ìle a th'ann laphroaige. tha blasad sònraichte aige mar a h-uile uisgachan beatha às na h-eileanan. 'S uirrain dhut ga cheannach aig ABC stores cuideachd.
Seadh, tha sin ceart agus feumaidh mi ràdh gu bheil e air leth-math blasta! Tha e air a dhèanamh ann an Ile mar a thuirt Maddie. Chan eil e coltach ri uisge beatha sam bith eile idir. Cha toil leam uisge beatha mar is trice. Ach tha Laphroaig rud beag eadar-dhealaichte. 'S e blas 'smokey' a th' aige...'S e blas na Gàidhealtachd a tha sin.
Faodaidh gu dearbh a ghràidh. Air do shlàinte! Bruidhinn mu dheidhinn uisge beatha, tha mi a' leughadh leabhar math an-dràsda. ‘S e Whisky Galore le Compton MacKenzie an tiotal a th’ air. Agus tha e gle èibhinn. Tha mi air am film fhaicinn iomad turasan. Ach tha an leabhar mòran nas fheàrr.
tha mi a'smoaineachadh gum bidh leabhraichean as motha nas fheàrr nan ar fiolman. Tha iomad eisimplirean ann. 'S toil leam 'Lord of the Rings' leabhraichean agus fiolman... ach 's fheàrr leam leabhraichean "Harry Potter" na na fiolman.
Tha sin fior. Tha mi a' dol a dh' fhaicinn King Kong Disathairne leis a' chlann. Ach 's dòcha gum bi a' chiad fhilm nas fheàrr na am fear seo, eadhon ged a bhios am film ùr a' coimhead fada nas fheàar anns a h-uile dòigh.
Chaidh prògram Gàidhlig air a chraoladh a-raoir air BBC2 Alba. 'S e an t-ainm a bh' air 'An dà shealladh' agus bha e glè inntinneach gu dearbh. Bha am prògram mu dheidhinn taibhsean agus an dà-shealladh ann an Gàidhealtachd na h-Alba, gu h-àraidh anns an Eilean Sgitheanach. Bha sgeulachdan gu leòr aig na bodaich is na callich ann. Ach rinn fear de na sgeulachdan aca drùdhadh air m' inntin. Thachair e ann am Port-Righ o chionn ghreis. Bha càr a' mhinisteir a' dol air a' bhàt-aiseig . Ach bha rudeigin ceàrr air agus cha do sguir e...Chum e a' dol agus thuit an càr anns a' mhuir. Chaidh am ministear, bean a' mhinisteir agus an dithis chlann aca a bhàthadh. 'S e sgeul duillich a bh' ann gun teagamh. Ach thachair rudeigin annasach an dèidh sin. Chunnaic mòran dhaoine air feadh na h-eilein an dearbh càr aig a' mhinistear a-rithist. Cannidh cuid càr taibhse no ghost car ris agus bidh na daoine fhathast ga fhaicnn a' dol sios an rathaid gu Port-Righ. De ur beachd...A bheil sibh ga chreidsinn?
Cha b'urrain dhomh fhaicinn BBC Alba telebhisean idir agus fliù 's chan urrain dhomh èisdeachd ris reidio nan Gaidheal oir bidh iad 'cleanachd 'real player'. Nach bochd sin!
0 User(s) are reading this topic (0 Guests and 0 Anonymous Users)